This poem is taken from PN Review 71, Volume 16 Number 3, January - February 1990.

Hallaig

Sorley Maclean

'Tha tìm, am fiadh, an coille Hallaig'

Tha bùird is tàirnean air an uinneig
troimh 'm faca mi an Aird an Iar
's tha mo ghaol aig Allt Hallaig
'na craoibh bheithe, 's bha i riamh

eader an t-Inbhir 's Poll a' Bhainne,
thall 's a bhos mu Bhaile-Chùirn:
tha i 'na beithe, 'na calltuinn,
'na caorunn dhìreach sheang ùir.

Ann an Screapadal mo chinnidh,
far robh Tarmad 's Eachunn Mór,
tha 'n nigheanan 's am mic 'nan coille
ag gabhail suas ri taobh an lóin.

Uaibhreach a nochd na coilich ghiuthais
ag gairm air mullach Cnoc an Rà,
...
Searching, please wait...